Page 13 - Art First: Helen MacAlister: At the Foot o’ Yon Excellin’ Brae
P. 13
Air a leabachadh ann an cultar na h-Alba, tha a’
Ghàidhlig a’ glèidheadh cainnt aosmhoir, dualchais
agus tradaiseanan mar gur ann an doimhneachd a’
phuill-mhòine. Aig a’ cheart àm sàmhach is socair ach
fhathast gu tur beòthail na dòigh tha an obair aig Eilidh
NicAlasdair air a bogadh anns a’ pholl shaoibhir seo is air a
cuairteachadh leis an dualchas luachmhor aig Donnchadh
Bàn Mac an t-Saoir, Burns, MacDiarmid, Neil Gunn, Hamish
Henderson, Iain MacAonghais is eile.
Tha an taisbeanadh seo a’ drùidheadh gu
domhainn air cànan. Agus leis a sin tha e a’ cruthachadh
meadhain ùir dha fhèin a leumas beàirn is ginealaich
a leaghas beachdan ‘s gan treòrachadh is a’ toirt bàrr
orra, agus gam fuasgladh is gan ath-rèiteachadh. Tha na
h-eileamaidean aig cridhe “bardachd choncrete” agus
na rudan riatanach airson bhoillsgidhean dìomhair ann:
tionnsgalachd, seòltachd, mac-meanmna, crìontachd agus
dubh-fhacal is iad gar treòrachadh a dh’ionnsaigh ath-
fhuasglaidh, taisbeanaidh agus dìolaidh: am facal nochdte.
Tha an Lanntair air leth toilichte an obair seo a
thaisbeanadh aig àm nuair a tha cultar na h-Alba agus nan
Gàidheal fon phrosbaig ‘s fo bhagairt, ach fhathast cho
prìseil is iomchaidh ‘s a bha iad riamh.
13